Read in English

An-diugh, air 12 Giblean tha an Institiud Naidheachd Eadar-nàiseanta (International Press Institute – IPI) and MIDAS ag ainmeachadh a’ chiad ghairm do thagraidhean airson Comhaltachd (fellowship) NewsSpectrum.

Tha a’ Chomhaltachd fosgailte do luchd-naidheachd agus proifeiseantaich eile sna meadhanan eile a tha ag obair do mheadhanan mion-chànanan san AE (a’ gabhail a-steach cànanan Roma agus luchd-imrich) agus tha i ag amas air com-pàirteachasan obrach a bhrosnachadh eadar seirbheisean naidheachd mion-chànanan agus mòr-chànanan.

Tha NewsSpectrum an dùil 40 comhaltachd a mhaoineachadh ann an 2021 tro dhà sgeama: Comhaltachdan Aithris Co-obrachail (Collaborative Reporting Fellowships) agus Comhaltachdan Greis-gnìomhachais Proifeiseanta (Professional Placement Fellowships).

Seòrsaichean comhaltachd agus cinn-latha:

Tha a’ Chomhaltachd Aithris Cho-obrachail a’ cumail taic ri pròiseactan aithris a nì luchd-naidheachd a tha ag obair aig meadhanan mion-chànain (a’ gabhail a-steach daoine a tha ag obair dhaibh gu cunbhalach air an ceann fhèin) ann an co-obrachadh le neach-naidheachd no seirbheis naidheachd ann am mòr-chànan.

Faodaidh am pròiseact aithris fòcas a chur air cuspair sam bith ann an leas a’ phobaill a tha buntainneach do luchd-èisteachd aig an dà sheirbheis meadhanan. Ach, thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan a tha a’ soilleireachadh an t-suidheachaidh no sealladh sònraichte aig mion-shluaighean san AE no an dàimh eadar mion-shluaighean agus mòr-shluaighean. Tha fàilte air pròiseactan a tha a’ cur ri aithris air cùisean Eòrpach ann am meadhanan ann am mion-chànanan. Tha a h-uile seòrsa naidheachdais ion-roghnach agus faodar sgeulachdan fhoillseachadh ann an cruth sam bith. Tha fàilte air dòighean didseatach/lèir-chlaistinneach gus sgeulachdan innse. Thathar an dùil gun tèid sgeulachdan fhoillseachadh an dà chuid leis a t-seirbheis naidheachd an dà chuid sa mhion-chànan agus sa mhòr-chànan.

’S e an ceann-latha airson nan Comhaltachdan Aithris Co-obrachail 28 Cèitean, 2021. Thathar an dùil gum fosgail dà ghairm a bharrachd fon sgeama seo san Ògmhios agus san Lùnastal. Faic am fiosrachadh air fad is na Ceistean Cumanta.

Bidh a’ Chomhaltachd Greis-gnìomhachais Proifeiseanta a’ cumail taic do ghreisean-obrach geàrr-ùine sònraichte no tursan rannsachaidh aig proifeiseantaich meadhanan sna mion-chànanan do mheadhanan ann am mòr-chànan. Tha a’ Chomhaltachd fosgailte do gach neach-obrach aig an t-seirbheis mheadhanan, a’ gabhail a-steach luchd-naidheachd, luchd-deasachaidh, dealbhadairean-naidheachd, manaidsearan seòmar naidheachd, manaidsearan meadhanan sòisealta, manaidsearan coimhearsnachd no luchd-obrach le fòcas air ùr-ghnàthachadh didseatach. Tha daoine a tha ag obair do na meadhanan gu cunbhalach air an ceann fhèin ion-roghnach cuideachd. Faodar a chleachdadh gus taic a thoirt do sgilean co-obrachail agus iomlaid eòlais air diofar thaobhan den t-seòmar naidheachd, a’ gabhail a-steach aithris naidheachdan, eadar-ghluasad didseatach, modailean gnìomhachais, com-pàirteachadh luchd-èisteachd agus togail coimhearsnachd.

Thèid beachdachadh air tagraidhean airson Comhaltachdan Greis-gnìomhachais Proifeiseanta air stèidh leantainneach a’ tòiseachadh an-diugh, 12 Giblean, gu 28 Cèitean 2021. Aig an àm seo, chan eil sinn an dùil ach aon ghairm a dhèanamh airson Comhaltachdan Greis-gnìomhachais Proifeiseanta. Faic am fiosrachadh air fad is na Ceistean Cumanta.

Fiosrachadh mu ion-roghnachd agus mu bhith a’ dèanamh thagraidhean

Tha proifeiseantaich ann am meadhanan nam mion-chànanan airidh air a’ chomhaltachd ma tha na meadhanan aca stèidhichte san AE no san RA agus a’ dèanamh co-dhiù 51% den t-susbaint aca ann an cànan roinneil no mion-chànan (tha seo a’ gabhail a-steach cànanan luchd-imrich agus cànanan Roma). Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na cànanan a tha ion-roghnach an seo. Feumaidh an com-pàirtiche no òstair naidheachd a bhith stèidhichte san Aonadh Eòrpach no san RA cuideachd. Thathar a’ cur fàilte air co-obrachadh tar-crìche.

Thathas a’ brosnachadh comhaltachdan pearsanta, a rèir amas NewsSpectrum gus com-pàirteachasan seasmhach a thogail eadar meadhanan ann am mion-chànanan is mòr-chànanan. Tha seo fìor gu sònraichte airson na Comhaltachd Greis-gnìomhachais Proifeiseanta. Ach, mar thoradh air galar lèir-sgaoilte COVID-19, beachdaichear air roghainnean air astar, cho fad ’s gun gabh na gnìomhan a dhèanamh gu h-èifeachdach.

San fharsaingeachd, thathar an dùil gum mair an dà chomhaltachd fad co-dhiù dà sheachdain, ach tha faid nan comhaltachd sùbailte. Faodar na comaltachdan a dhèanamh uair sam bith eadar an Ògmhios agus an 31 Dùbhlachd, 2021.

Faodaidh gach cuid an neach-comhaltachd bho na meadhanan sa mion-chànan agus an com-pàirtiche aithris sa mhòr-chànan suas ri €6,000 iarraidh airson gach caidreachais. Airson comhaltaich nam mion-chànan, faodaidh an tabhartas cosgaisean tuarastail a phàigheadh ​​(air a phàigheadh ​​air ais gu dìreach dhan fhastaiche) a bharrachd air cuibhreann airson cosgaisean ionadail (m.e. àite-fuirich agus bith-beò). Thèid cosgaisean siubhail a phàigheadh cuideachd. Airson meadhanan sa mhòr-chànan, faodaidh an tabhartas cosgaisean tuarastail a phàigheadh ​​a bharrachd air cosgaisean siubhail, ma tha sin iomchaidh. Uile gu lèir, tha NewsSpectrum an dùil mu €480,000 ann an granntaichean chomhaltachd a thoirt seachad.

Gus tagradh a dhèanamh, bu chòir do phroifeiseantaich sna meadhanan aig a bheil ùidh, an làn chunntas, na slatan-tomhais airson ion-roghnachd agus airson taghaidhean, agus stiùireadh air tagraidhean a leughadh air làrach-lìn NewsSpectrum. Feumar tagraichean a chur sa Bheurla. Thathar a’ brosnachadh thagraichean gu làidir gus com-pàirtiche aithris no buidheann aoigheachd fhaighinn mus cuir iad iarrtas a-steach. Ach, tha com-pàirtichean pròiseact NewsSpectrum deiseil is deònach gus feuchainn ri tagraichean gealltanach a cheangal ri buidhnean aoigheachd iomchaidh ma dh’fheumar.

Thèid comhaltaich a thaghadh le comataidh taghaidh le còignear bhall a bhios a’ gabhail a-steach eòlaichean neo-eisimeileach. Tha am prògram dealasach a thaobh a bhith a’ dìon neo-eisimeileachd deasachaidh gach neach-tabhartais.

Cùl-fhiosrachadh 

Tha NewsSpectrum na cho-iomairt den Institiud Naidheachd Eadar-nàiseanta (International Press Institute – IPI) agus Comann Eòrpach nam Pàipearan-naidheachd Làitheil ann an Mion-chànanan agus Cànanan Roinneil (European Association of Daily Newspapers in Minority and Regional Languages – MIDAS). Tha European Roma Institute for Arts and Culture (ERIAC) na chom-pàirtiche taic.

Tha NewsSpectrum na phrògram ùr a chaidh a dhealbhadh gus com-pàirteachasan obrach a bhrosnachadh eadar meadhanan sna mion-chànanan, a’ gabhail a-steach meadhanan ann an cànan luchd-imrich, agus an co-leithid ann am mòr-chànan air feadh an Aonaidh Eòrpaich. Tha comhaltachdan NewsSpectrum ag amas air co-obrachadh a neartachadh eadar an dà bhuidhinn agus taic a chumail ri seasmhachd nam meadhanan ann am mion-chànanan mar bhuill ro-chudromach de àrainneachd mheadhanan saor is eadar-mheasgte san Aonadh Eòrpach. Bidh iad cuideachd a’ feuchainn ri taic a chumail ri craoladh sna meadhanan a tha ag aithris gu h-eòlach air cùisean co-cheangailte ri mion-shluaighean agus a’ gabhail a-steach sealladh bho riochdairean aig mion-shluaighean ann an naidheachd.

Tha prògram NewsSpectrum air a cho-mhaoineachadh mar phròiseact pìleit leis a’ Choimisean Eòrpach (DG Connect), le taic ionmhais a bharrachd bho ERIAC. Thèid barrachd com-pàirteachasan ainmeachadh nuair a bhios iad air an daingneachadh.

A bheil ceist sam bith agad?

Mholamaid gun tadhail daoine a tha airson tagradh a dhèanamh air làraich-lìn NewsSpectrum agus duilleag nan Ceistean Cumanta mu bhith a’ dèanamh tagradh. Ma tha ceist sam bith agad fhathast, na bi leisg fios a chur thugainn.

Fios conaltraidh

Josh LaPorte (IPI): [email protected]
Anna-Kira Pirhofer (MIDAS): [email protected]

Na call am fios as ùire! Clàraich airson cuairt-litir NewsSpectrum.


The NewsSpectrum programme is co-funded by the European Commission within the framework of the pilot project “Internship opportunities for Minority Language Media”, with additional financial support from ERIAC. Further partnerships will be announced as they are confirmed.

(Photo by Finn Hackshaw on Unsplash)